Last Updated: Wednesday, January 06, 2021

Sgoil Ghaidhlig Ghlaschu/Glasgow Gaelic School - Home Economics (Gaelic)

What is this?

Dh’ionnsaich sgoilear ÀS4 à Sgoil Ghàidhlig Ghlaschu còcaireachd bho chaochladh reasabaidhean airson am mealadh len teaghlach tron ghlasadh-sluaigh.

Who is this for?

Dha na h-uile neach aig a bheil ùidh ann am foghlam na h-Alba.

Eaconamas Dachaigh – ag ionnsachadh còcaireachd aig an dachaigh

Thairis air a’ ghlasadh-sluaigh, thòisich mi fhèin is mo theaghlach a’ còcaireachd airson a chèile gach seachdain. Smaoinich mo mhàthair mu dheidhinn seo nuair a bha sinn a’ gabhail dinnear. Bha sinn uile a’ smaoineachadh gur e beachd math a bh’ ann is dh’fheuch sinn e. Bha e gu math spòrsail a bhith a’ dèanamh na dìnnearan air sgàth ‘s nach robh sinn a’ dèanamh sian mar seo ron ghlasadh. Thagh sinn latha airson a bhith a’ còcaireachd is chaidh sinn dhan bhùth an àite mo phàrantan a’ dèanamh a h-uile sian.

Rinn mi seo le mo bhràthair mòr. Dh'obraich sinn ann an dithisean is nuair a bha sinn a’ dol gu na bùithtean bha sinn anns na dithisean cuideachd. ‘S e smuain mhath a bh’ ann airson a bhith ag obrachadh ann an dithisean oir ‘s urrainn dhut cuideachadh a chèile is bha sinn dìreach còmhla.

Tha seo air an latha àbhaisteach còcaireachd agam fhìn is mo bhràthair mòr. Bidh mi a’ smaointinn tòrr a bharrachd mu dheidhinn “Dè an uair a tha e?”, “Dè cho fada is a tha seo a’ dol a thoirt?” is “A bheil ùine agam seo a dhèanamh?” Tha barrachd uallach agam le dè bhios mi a’ dèanamh is tha mi air tòrr rudan ionnsachadh mar ciamar a tha mi a’ cleachdadh na h-innealan còcaireachd agus tha e air mo chuideachadh le bhith ag obair ann an sgioba cuideachd. A bharrachd air sin, tha Ragu Isbein a nis air a’ chlàr-bìdh aig an taigh againn agus reasabaidh ùr no dhà eile cuideachd.

Anndra Monk, S4 Pupil